|
Mo Shuil Ad
Dheidh!
Refrain
Ochòin! Mo chailin, 's mo shùil a'd dhéigh;
A chailin, mo chailin, 's mo shùil a'd dhéigh;
A Lili, mo Lili, 's mo shùil a'd dhéigh;
Cha léir dhomh am bealach le sileadh nan deur.
Gu'n d' éirich mi mochthrath maduinn an dé,
'S gu'n ghearr mi'n ear-thalmhainn do bhrìgh mo
sgéil;
An dùil gu'm faicinn-sa rùn mo chléibh;
Ochòin! Gu'm facas, 's a cùlaobh rium féin.
Na'm bitheadh siod agam, mo lùgh 's mo leum,
Mi'm shuidhe aig bealach 's mo chù air éill,
Gu'n deanainn-sa cogadh gu làidir treun
Mu'n leiginn mo leannan le fear tha do'n ghréin.
'S ann ormsa 'tha 'm mulad 's am fiabhrus mòr,
O'n chualas gun deach' thu le Brian òg;
Mo chomunn cha dean mi ri mnaoi 'san fheòil,
O'n rinn thu mo thréigsinn 's mi fhéin a bhi beò.
O! Chan eil uiseag 's na speuraibh àrd,
No ian anns an doire d'am b'eòl mo ghràdh
Nach eil nis ri tuireadh a dh' oidhche 's a là.
O'n chualas gu'n ghlacadh mo chailin air làmh.
Repeat Refrain
Ochòin! Mo chailin, 's mo shùil a'd dhéigh...
|